Tha Murray MacLeòid ag ràdh nach eil a h-uile càil cho soilleir le cùisean na h-àrainneachd

Tha mothachadh ann a-nis gu bheil feur air a làimhseachadh gu ceart a’ cuideachadh le bhith a’ glasadh carbon.Tha mothachadh ann a-nis gu bheil feur air a làimhseachadh gu ceart a’ cuideachadh le bhith a’ glasadh carbon.
Tha mothachadh ann a-nis gu bheil feur air a làimhseachadh gu ceart a’ cuideachadh le bhith a’ glasadh carbon.
Ma tha aon rud ann a thathas ag innse dhuinn a thaobh a bhith ag atharrachadh ar beatha airson an àrainneachd a chuideachadh, ‘s e nas lugha de dh’fheòil ithe agus gun teagamh, tha cuid againn – le sin, tha mi ciallachadh mi fhèin – a dhèanadh a’ chùis le nas lugha ithe airson ar fallainneachd fhèin a bhrosnachadh.

[English-language version below]

Ach a’ fàgail gu aon taobh nan adhbhar slàinte, tha cunnart ann le teachdaireachd shìmplidh dhen t-seòrsa-sa, gun dèan e barrachd cron na feum.

Chan eil duine a dheigheadh às àicheadh gur e droch rud a tha ann dha beathaichean a bhith air an cumail glaiste fad na h-ùine, gun chrodhan a' dol faisg air feur, agus a’ lìonadh am broinn le biadh mì-nàdarrach. Tha sin dona dhan àrainneachd, gu math dona dhan bheathach agus a’ fàgail bidhe mi-chàileir aig a’ cheann thall.

Hide Ad
Hide Ad

Ach, tha an seòrsa suidheachadh ud a cheart cho eu-coltach ris na tha a’ tachairt ann an Alba gu h-àbhaisteach, ‘s a tha e a bhith a’ smaoineachadh gun cuir mise mo chùl ri ròst na Sàbaid gu sìorraidh tuilleadh.

Tha na siostaman obrach ann an Alba, a’ mhòr chuid aca co-dhiù, gu mòr an urra ri beathaichean ag ionaltradh an fheòir, no tron gheamhradh, a bhith ag ithe an fheòir a chaidh a bhuain as t-samhradh. Tha dà adhbhar airson seo. Sa chiad àite, ‘s e am biadhadh as saora a th' ann agus anns an darna àite, tha gu leòr dheth a’ fàs ann an Alba leis an t-sìde fhluich a tha againn.

Ach, an luach as motha a tha aige, co-dhiù nuair a thig e dhan deasbad a tha a’ dol an-dràsta, ‘s e ’s gu bheil e math dhan àrainneachd.

Mar a h-uile roinn eile, tha mòran aig àiteachas ri dhèanamh airson na tha iad a’ cur a-mach dhan iarmailt a gheàrradh, ach tha mothachadh ann a-nis gu bheil feur air a làimhseachadh gu ceart – gun a bhith ro fhada no ro ghoirid – a’ cuideachadh le bhith a’ glasadh carbon.

Chan eil am mòr-shluagh buileach a’ tuigsinn seo gu ceart fhathast, ach ‘s e sin an seòrsa fiosrachadh mionaideach a dh’fheumar a thuigsinn ma tha daoine a’ dol a dhèanamh co-dhùnaidhean ceart.

Agus ged a tha a bhith ag ithe lusan tòrr nas fhèarr dha do shlàinte, gu h-àraid ma tha thu a’ dèanamh cus suidhe air do mhàs, chan eil sin idir ri ràdh gu bheil e gu mòr nas fhèarr dhan àrainnneachd.

‘S e fìrinn na cùise gu bheil na siostaman àiteachais a tha a’ toirt dhuinn lusan aig a’ phrìs a tha na bùthan mòra ag iarraidh – sin a’ phris a tha sinne ag iarraidh – an urra ri stuthan ceimigeach agus feumar na biastagan a tha a’ marbhadh nan lus a sgriosadh gu tric.

’S e an aon dòigh timcheall air a sin, a h-uile càil a ghluasad gu dòighean-obrach organach, rud a bhiodh a’ ciallachadh àrdachadh gun chiall sa phrìs – tha fhios nach gabhadh daoine ri sin – no air an làimh eile, gach nì a tha sinn ag ithe a thoirt bho air feadh an t-saoghail, rud a bhiodh maslach bho thaobh dìon na h-àrainneachd.

Hide Ad