Chan eil ceartas ann an gaol no ann an cogadh
Am measg nan 138 dàn bhon dà chogadh chan eil ach deich sa Ghàidhlig – ceithir le Somhairle MacGill-Eain, a dhà le Iain Rothach, ‘Bisearta’ le Deòrsa Caimbeul Hay, ‘Òran Arras’ le Domhnall Ruadh Chorùna, ‘Luach na Saorsa’ le Murchadh Moireach agus ‘El-Alamein’ le Calum MacLeòid. Cha do sgaoil na deasaichean an lìon aca farsaing, oir tha a h-uile gin dhiubh siud ach ‘El-Alamein’ ann an O Choille gu Bearradh no An Tuil.
Tha mi mì-riaraichte air dhà no trì adhbharan. Chan eil dad follaiseach a’ ceangal ‘An Tìr’ le Iain Rothach ris a’ chogadh ann: tha e toirt iomradh air beanntan, sruthain agus féidh, a’ crìochnachadh “si Tìr nan Gaisgeach a th’ ann, / Tìr nam Beann, nan Gaisgeach, ’s nan Gleann, / si Tìr nan Gaisgeach a th’ ann.”
Advertisement
Hide AdAdvertisement
Hide AdTha iomadh dàn eile ann an An Tuil a’ toirt thugainn sùil an fhir a chunnaic diofar thachartasan an dà chogaidh: gas puinnseanach (‘Òran a’ Phuinnsein’), na Dardanelles (‘Òran a’ Chogaidh’), campa prìosain (‘Deargadain Phóland’), am blackout (‘An Dubhsgaile’), etc.
Tha iomadh iomadh dàn nach eil ann an An Tuil a’ toirt thugainn tuilleadh – ‘An Eala Bhàn’, òrain gun chunntais don Cheusair, na dàin aig Dòmhnall Alasdair MacDhòmhnaill mun àm a bha e ’na ghunnair san RAF, leithid ‘Dùsgadh Anabaich’, ‘Am Bomair’, ‘Am Bomair Lancaster’, ‘A’ Cuimhneachadh 1945’, etc.
Agus an Iolaire. Ma tha ‘An Tìr’ airidh air àite ann a From the Line, tha ’s aon dàn no òran mun Iolaire, àrd theisteanas ìoranachd a’ chogaidh. B’e seo an cothrom caillt’ air “duais” a thoirt dhan fhear as fheàrr.
Chan eil sìon san ro-ràdh mu bhàrdachd Ghàidhlig a’ Chiad Chogaidh. Gu dearbh chan eil am facal “Gaelic” a’ nochdadh idir, ged a tha rudeigin ann mu an often-despised minority culture and language. Tha car cus air a dheanamh, ’na mo bheachd-sa, de neoichiontachd nan dàn bho 1914 – leithid ‘An Tìr’? Air an làimh eile, mun Dara Cogadh, ri ‘Bisearta’ tha na deasaichean ag ràdh perhaps the finest poem of ‘total war’ . . . Hay’s tears for the Arab population of Bizerta do him honour.
Far an deach an ASLS ceàrr b’e nach do thagh iad deasaiche neo comhairliche a bha eòlach air bàrdachd Ghàidhlig. Ma bha poileasaidh aca mun chùis, chan eilear ga mhìneachadh. ’S dòcha nach robh ann ach: “Na Gaidhil? Tha na h-òrain acasan cho fada, ’s le eadar-theangachadh tha iad dà uiread sin.”
Tha cruaidh fheum air cruinneachadh de bhàrdachd Ghàidhlig an dà chogaidh. B’e ar dleastanas riuthasan a thuit. A bheil duine ga dhèanamh?